B’ e Caitrìona NicCuaig às an Òban an nighean aig Calum agus Màighread MacCuaig à Lios Mòr. Bha am mac, Iain Stiùbhart MacCuaig, na bu chliùitiche. Bha e na bhancair agus dhealbh e agus dh’iarr e gum biodh an tùr chlasaigeach a tha a’ coimhead a-mach air Bàgh an Òbain air a togail. Chaidh Caitrìona gu lagh an aghaidh tiomnadh Iain a bha air mìltean de notaichean fhàgail gach bliadhna gus crìoch a chur air a’ phròiseact aige an dèidh a bhàis ann an 1902.
Dh’aontaich Cùirt an t-Seisein gabhail ri tagradh Chaitrìona, agus chaidh an t-airgead a bhiodh air a dhol gus crìoch a chur air an tùr agus air an taigh-tasgaidh a bhiodh na broinn a chur gu feum coimhearsnachd an Òbain air fad. An dèidh a bàs ann an 1913, chaidh oighreachd Chaitrìona air fad a chur gu bhith air a chleachdadh air adhbharan carthannais. Bha earrann dhen oighreachd a dh’fhàg i air a chleachdadh mar dhìleab foghlaim fo Achd (Alba) Dìleaban Foghlaim 1929 agus b’ e Sgeama Urrasachd Chaitrìona NicCuaig 1932 an t-ainm a bh’ air.
Chaidh an Sgeama ùrachadh ann an 1963 agus atharrachadh ann an 1968 agus a-nis thathar a’ toirt thaicean-airgid a h-uile bliadhna fo sgeamaichean Bursaraidhean MhicCuaig, Sgoilearachdan Iar-Cheumnach MhicCuaig agus Tabhartasan MhicCuaig.