Tha taic ri fhaighinn do oileanaich iar-cheum a tha ag obair ann an Gàidhlig.
Bheir an t-Urras seachad suas gu 6 duaisean suas gu £500 gach bliadhna gus taic a chumail ri oileanaich le cosgaisean airson frithealach cho-labhairtean (nuair a thathar a’ toirt seachad pàipear) no obair rannsachaidh (m.e. siubhal agus àite-fuirich airson leabharlann, no a’ cruinneachadh dàta).
Gabhaidh an t-Urras ri iarrtasan airson taic aig gach coinneamh tron bhliadhna.