Mur Deidhinn

Tha Urras Chaitrìona NicCuaig air a stiùireadh le Riaghladairean le Luchd-riaghlaidh a tha air an ainmeachadh le Oilthigh Ghlaschu, Oilthigh Obar Dheathain agus Oilthigh Dhùn Èideann, le Còmhairle Earra Ghàidheil is Bhòid, Eaglais na h-Alba, An Comunn Gàidhealach agus buidhnean foghlaim eile. (Riaghladairean aig an àm seo)

Thar nam bliadhnaichean tha iomadach sàr sgoilear na Gàidhlig, iomadh bàrd agus sgrìobhaiche Gàidhlig cho math ri daoine cliùiteach bho sgìre an Òbain agus Earra-Ghàidheil air a bhith nan Riaghladairean .

Bidh na Riaghaladairean a’ coinneachadh trì tursan gach bliadhna, dà uair ann an Glaschu agus aon uair anns an Òban. ’S e prìomh ghnothach nan coinneamhan anns an Òban anns an Lunastal a h-uile bliadhna a bhith a’ toirt Bursaraidhean MhicCuaig do dh’oileanaich a tha a’ fàgail na sgoile agus a tha a’ dol gu ruige foghlam oilthighe ann an Gàidhlig.

Bidh an t-Urras a’ toirt bhursaraidhean agus thabhartasan bhliadhnail do dh’oileanaich aig ìre fo-cheum a bharrachd air sgoilearachdan do dh’oileanaich iar-cheumnach agus tabhartasan do bhuidhnean no do dhaoine eile gu sònraichte gus ùidh ann an Gàidhlig a neartachadh agus a bhrosnachadh.

Ann an 2009, ann an co-bhann le Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid, chaidh duaisean ùra a stèidheachadh airson Oidhirp ann an Gàidhlig do chlann sgoile, an dà chuid anns a’ bhun-sgoil agus anns an àrd-sgoil, do luchd-ionnsachaidh agus do dh’fhileantaich.

Bu chòir do gach conaltradh a bhith air a dhèanamh ri Clèireach nan Riaghaladairean, A’ Mh. A Frances NicUilleam, aig an t-seòladh McLeish Carswell, 7 Sràid Admiral, Glaschu G41 1HP – post-dealain: info@mccaigtrust.org.uk