Sgoilearachdan (Iar-Cheumnach)

Tha Sgoilearachdan Iar-cheumnach air an toirt do cheumnaich ann an Ceiltis bho oilthighean Albannach a tha a’ dol air adhart gus rannsachadh iar-cheumnach a dhèanamh ann an Gàidhlig no ann an Ceiltis.

Tha Sgoilearachdan air an toirt airson suas ri trì bliadhna cho fad ’s a gheibhear Aithisgean iomchaidh bhon Sgoilear agus bhon luchd-stiùiridh aige/aice.

Bidh Sgoilearachdan air an sanasachd ann am pàipearan-naidheachd agus feumaidh tagraichean Foirm Tagraidh Sgoilearachd a lìonadh anns a bheil mìneachadh mun tagradh agus anns a bheil teisteanasan.

Tha luach de £750 gach bliadhna ann an Duais Sgoilearachd MhicCuaig.

’S e an 31mh dhen Damhair an ceann latha mu dheireadh ris an gabhar tagraidhean a h-uile bliadhna.

Tha e CUDROMACH gun leugh tagraichean an stiùireadh mionaideach mus cuir iad an tagradh aca a-steach. Feumar leth-bhreac air pàipear dhen tagradh agus le ainm-sgrìobhte an tagraiche a bhith air a chur a-steach. Cha tèid gabhail ri tagraidhean nach eil air an lìonadh gu h-iomlan.