Neò-Acaideamaigeach

Tha Urras Chaitrìona NicCuaig a’ toirt taic do phròiseactan a tha gu tur no anns a’ chuid as motha tro mheadhan na Gàidhlig, a tha a’ buntain ri Gàidhlig, a ghabhas obrachadh agus aig a bheil cosgaisean ainmichte a tha ciallach.

Am measg nan seòrsachan pròiseact a bhios a’ faighinn taic tha foillseachadh – bho leabhraichean chloinne gu irisean sgoilearachdail – agus pròiseactan a tha a’ buntain ri foghlam anns an fharsaingeachd agus anns a bheil Gàidhlig no a tha a’ buntain ri Gàidhlig gu ìre mhòr, bho aois ro-sgoile gu pròiseactan rannsachaidh.