Bursaraidhean agus Tabhartasan (Fo-cheumnach)

Tha bursaraidhean air an toirt do dh’oileanaich a tha air teisteanas Gàidhlig SQA fhaighinn (teisteanas luchd-ionnsachaidh no fileantaich) agus a tha am beachd an sgoil fhàgail gus tòiseachadh air cùrsa Gàidhlig ann an oilthigh ann an Alba. Thèid beachdachadh air bursaraidh a thoirt do dh’oileanaich a tha nas sine aig a bheil teisteanasan iomchaidh.

Bidh bursaraidhean air an sanasachd anns na pàipearan-naidheachd agus cuideachd bidh fios air a leigeil a h-uile bliadhna mu na bursaraidhean chun a h-uile sgoil anns a bheil Gàidhlig air a thabhann mar phàirt dhen churaicealaim. Faodaidh oileanaich cur a-steach airson bursaraidh le bhith a’ lìonadh Foirm Tagraidh Bursaraidh le leth-bhreacan dhe na teisteanasan aca bho Ùghdarras Teisteanas na h-Alba (SQA) gu Clèireach nan Riaghaladairean.

Chan ann a-mhàin do dh’oileanaich a tha ag amas air cùrsa MA a dhèanamh a tha na bursaraidhean, ach cuideachd do dh’oileanaich leis na teisteanasan iomchaidh a tha a’ dol gu ruige cùrsa BEd ann am foghlam Gàidhlig no a tha a’ dol dhan RSAMD gus ceòl tràidiseanta agus seinn (le Gàidhlig) a dhèanamh.

Aig an àm seo, tha luach de £1000 not ann am bursaraidh thairis air cùrsa a mhaireas 4 bliadhna.

’S e an 15mh dhen Ògmhios an ceann-latha mu dheireadh airson thagraidhean.

Tha tabhartasan a tha luach an aon suim ris na bursaraidhean, £250 gach seisean, air an toirt an dèidh moladh bho Cheannard na Roinne aig oileanach agus faodar an tabhann do dh’oileanaich bhon dàrna bliadhna air adhart.

Tha e CUDROMACH gun leugh tagraichean an stiùireadh mionaideach mus cuir iad an tagradh aca a-steach. Feumar leth-bhreac air pàipear dhen tagradh agus le ainm-sgrìobhte an tagraiche, a bhith air a chur a-steach. Cha tèid gabhail ri tagraidhean nach eil air an lìonadh gu h-iomlan.