Bursaraidhean agus Tabhartasan (Fo-cheumnach)

Tha bursaraidhean air an toirt do dh’oileanaich a tha air teisteanas Gàidhlig SQA fhaighinn (teisteanas luchd-ionnsachaidh no fileantaich) agus a tha am beachd an sgoil fhàgail gus tòiseachadh air cùrsa Gàidhlig ann an oilthigh ann an Alba. Thèid beachdachadh air bursaraidh a thoirt do dh’oileanaich a tha nas sine aig a bheil teisteanasan iomchaidh.

Bidh bursaraidhean air an sanasachd anns a h-uile sgoil anns a bheil Gàidhlig air a thabhann mar phàirt dhen churaicealaim. Faodaidh oileanaich cur a-steach airson bursaraidh le bhith a’ lìonadh Foirm Tagraidh Bursaraidh agus a chur gu Clèireach nan Riaghaladairean no tron roinn Oilthigh aca nuair a thoisicheas iad aig an oilthigh.

Chan ann a-mhàin do dh’oileanaich a tha ag amas air cùrsa MA annn an Gàidhlig no Ceiltis a dhèanamh a tha na bursaraidhean, ach cuideachd do dh’oileanaich leis na teisteanasan iomchaidh a tha a’ dèanamh foghlam Gàidhlig aig ìre f-cheum no a tha a’ dol dhan RSAMD gus ceòl tràidiseanta agus seinn (le Gàidhlig) a dhèanamh.

Aig an àm seo, tha luach de £400 am bursaraidh gach bliadhna.

Faodar tabhartasan air an aon luach ri Bursaraidh, £400 gach bliadhna acadaimigeach, a thoirt seachad le moladh Ceannard Roinne às dèidh na dara bliadhna.